Halò agus fàilte

Halò, a charaid,

’S e Dònnag an t-ainm a th’ orm agus tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha am bloga seo airson Gàidhlig a chleachdadh agus beagan de mo bheatha a roinn leibh. Tha mi an dòchas gum bi am bloga seo feumail dhuibh cuideachd.

’S e tidsear a th’ annam — tidsear Beurla. Tha ùidh mhòr agam ann an Gàidhlig oir tha pàirt de mo theaghlach à Alba. Tha mi airson barrachd ionnsachadh mun chànan agus mun chultar.

Sgrìobhaidh mi anns a’ bhloga seo mu mo bheatha làitheil agus mun ionnsachadh agam.

Barrachd a’ tighinn a dh’aithghearr!

Dònnag MacSàinteis

Comments

Popular posts from this blog

Phod-chraoladh - Prògram 1: Clach an Fhithich – Pàirt 1

Latha nam muffins fraochaige fogharach

A’ comharrachadh na Samhna