Posts

Phod-chraoladh - Prògram 2: Clach an Fhithich – Pàirt 2

Fàilte air ais, a chàirdean. Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ leantainn oirnn le sgeulachd Clach an Fhithich. Bidh barrachd dìomhaireachd, seann àiteachan agus samhlaidhean a’ tighinn am bàrr mar a tha an sgeulachd a’ dol air adhart. Mar as àbhaist, bidh sinn a’ gabhail ar n-ùine leis an sgeulachd agus leis an àile aice. Mar sin, cuiribh cupa tì air dòigh agus gabhaibh fois còmhla rium. Prògram 2: Clach an Fhithich – Pàirt 2 air Spotify

Latha nam muffins fraochaige fogharach

Image
Halò agus fàilte a-rithist   🍁 Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math. An-diugh, tha mi a’ bruidhinn ribh mu latha fuar san fhoghar. Tha e glè fhliuch cuideachd. Mar sin, cho-dhùin mi beagan muifinean fraochaige a dhèanamh. Tha iad glè bhlasta le cupa tì, nach eil? Cha robh iad cho doirbh a dhèanamh, gus an fhìrinn innse dhuibh, ach feumaidh sibh beagan awen a ghabhail haha. Is toil leam an t-sìde nas fhuaire ’s nas fhliucha. A bheil sibh ag iarraidh an dèanamh cuideachd? Seo an reasabaidh dhuibh: Muifinean fraochaige (freagarrach do luchd-glasraich) 🌱 Tàthchuid: 250g flùr geal (flùr àbhaisteach) 150g siùcar 2 spàin-tì pùdar bèicearachd ½ spàin-tì salainn 120ml bainne 100g ìm leaghte (no ola neodrach) 2 ugh mhòr 1 spàin-tì earrann bhànile 150–180g fraochaigean (ùra no reòite) 1 spàin-bhùird flùir (airson na fraochaigean a chòmhdach) Airson mullach crùbach: 2–3 spàin-bhùird siùcar (nas fheàrr ma tha e garbh) Dòigh: 1. Teasaich an àmhainn 200°C (gun fan) no ~180°C le fan ...

Phod-chraoladh - Prògram 1: Clach an Fhithich – Pàirt 1

Image
Fàilte dhan phod-chraoladh agam. ’S e Dònnag a th’ annam, agus tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig. Anns a’ phod-chraoladh seo, bidh mi a’ roinn pìosan de mo bheatha, mo smuaintean, agus mo thuras leis a’ Ghàidhlig. Bidh mi cuideachd ag innse sgeulachdan, nam measg sgeulachdan bho BBC Radio nan Gàidheal, mar phàirt den ionnsachadh agam ann am bàrdachd aig OBOD. ’S e àite socair, càirdeil a tha seo airson èisteachd, ionnsachadh, agus Gàidhlig a chleachdadh còmhla rium.   Prògram 1: Clach an Fhithich – Pàirt 1 air Spotify

A’ comharrachadh na Samhna

Image
Oidhche Shamhna 2026 🎃🥧 Halò agus fàilte gu post ùr agam. An-diugh, innsidh mi dhuibh mu mar a chomharraich mi Oidhche Shamhna. Tha mi a’ fuireach ann an ceann a deas Aimeireaga a Deas, agus mar sin ’s e am foghar a th’ againn an-dràsta. Gach bliadhna, air a’ chiad latha dhen Chèitean, bidh mi a’ comharrachadh Oidhche Shamhna—tha, tha fhios 'm gu bheil i air an 31mh dhen Dàmhair anns an leth-chruinne a tuath, ach tha na ràithean mu choinneamh a chèile an seo anns an leth-chruinne a deas. Am-bliadhna, rinn mi cus—cus de dh’fhuine! Dh’fhuin mi pìos peapaig agus aran (taois gheur). Rinn mi deoch cuideachd (bin/mead) le ùbhlan agus fìon-dhearcan tiormaichte. Bha i math dha-rìribh! Tha mi an dòchas gum bi i deiseil airson Grian-stad a’ Gheamhraidh (21mh dhen Ògmhios). Bidh sin glè mhath. Tha dealbhan agam cuideachd—seo beagan dhiubh: Coinneal Aran (taois gheur) Pìos Peapaig Bin/Mead na Samhna A' Ghealach na Shamhna Pìos anns an àmhainn Sin e agam-sa! Fuirichibh Sàbhailte, a h-uile...

Halò agus fàilte

Halò, a charaid, ’S e Dònnag an t-ainm a th’ orm agus tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha am bloga seo airson Gàidhlig a chleachdadh agus beagan de mo bheatha a roinn leibh. Tha mi an dòchas gum bi am bloga seo feumail dhuibh cuideachd. ’S e tidsear a th’ annam — tidsear Beurla. Tha ùidh mhòr agam ann an Gàidhlig oir tha pàirt de mo theaghlach à Alba. Tha mi airson barrachd ionnsachadh mun chànan agus mun chultar. Sgrìobhaidh mi anns a’ bhloga seo mu mo bheatha làitheil agus mun ionnsachadh agam. Barrachd a’ tighinn a dh’aithghearr! Dònnag MacSàinteis