A’ comharrachadh na Samhna
Oidhche Shamhna 2026 🎃🥧
Halò agus fàilte gu post ùr agam.
An-diugh, innsidh mi dhuibh mu mar a chomharraich mi Oidhche Shamhna. Tha mi a’ fuireach ann an ceann a deas Aimeireaga a Deas, agus mar sin ’s e am foghar a th’ againn an-dràsta. Gach bliadhna, air a’ chiad latha dhen Chèitean, bidh mi a’ comharrachadh Oidhche Shamhna—tha, tha fhios 'm gu bheil i air an 31mh dhen Dàmhair anns an leth-chruinne a tuath, ach tha na ràithean mu choinneamh a chèile an seo anns an leth-chruinne a deas.
Am-bliadhna, rinn mi cus—cus de dh’fhuine! Dh’fhuin mi pìos peapaig agus aran (taois gheur). Rinn mi deoch cuideachd (bin/mead) le ùbhlan agus fìon-dhearcan tiormaichte. Bha i math dha-rìribh! Tha mi an dòchas gum bi i deiseil airson Grian-stad a’ Gheamhraidh (21mh dhen Ògmhios). Bidh sin glè mhath.
Tha dealbhan agam cuideachd—seo beagan dhiubh:






Comments
Post a Comment